Latha Math

Sèist/Chorus
Latha math air an Eilean
Eilean Leòdhais mo Ghràidh
Latha math air an Eilean
Dachaigh mo smuaintean gu bràth

Rann 1
Ag èirigh tràth anns a’ mhadainn
A’ ghrian a’ deàrrsadh sìos
Tha àile na mara a’ tighinn tron uinneig
Tha h-uile duin’ an àirde

Rann 2
Tha an abhainn làn le pailteas uisge
Tha am bradan a’ tighinn a-rithist
Tha na balaich bheaga shios air an drochaid
Feuch an glac iad aon no dhà

Rann 3
Tha an t-Earrach ann ’s na làithean fada
Tha na h-uain a’ ruith mun cuairt
Tha na bodaich a-muigh a’ buain na mònach
Tha an t-àm sin air tighinn a-rithist

Rann 5
Tha a’ ghealach shuas ’s a’ ghrian na cadal
Tha an oidhche nis air tighinn
Tha e sàmhach is ciùin tron an Eilean
Tha e math a bhith beò

Tha e math a bhith beò